Fhuair an leabhar agus an taisbeanadh agam fàilte mhòr bhlàth anns a’ Bhogha Mòr, mar phàirt de dh’ Fhèis Leabhraichean Ìle. Gu dearbh chaidh innse dhomh gun robh Sly Cooking air a dhol rud beag na “cult” anns an eilein! Bha àm fìor shnog agam le clann Bhun-Sgoil Bhogha Mòr, agus chòird e rium cuideachd an spèis a th’ agam do dh’ fhaclan Mgr Ailein a chompàirteachadh san tachartas poblach.
Dh’ innis Isla Rosser-Owen, ceann an fhèis, do BhBC Alba, “Tha grunnan dhaoine air tighinn thugam a ràdh, ged nach eil a’ Ghàidhlig aca, ged nach eil fiùs ùidh aig cuid aca innte, gu bheil an taisbeanadh seo air am brosnachadh gus an leabhar a cheannach agus tuilleadh a ionnsachadh mu na faclan.”
Sin dìreach na tha mi airson cluinntinn.
Tha an taisbeanadh a’ siubhal a-nis do Thairbeart Loch Fìne, airson Tarbert Book Festival, 26-28 Dàmhair 2018.