CIUTHACH

CIUTHACH, 52, a cave-dweller, also said of a person with long shaggy hair.

 

Nuair a dh’fhaighnich mi mun cuairt mu dheidhinn an fhacail seo chaidh innse dhomh ‘na àite mu dheidhinn ciutha, facal coltach ris a tha a’ ciallachadh hairbun sgiobalta: “boireannaich le gruaig fhada orra, a’ deanamh ciutha, cùl an cinn chuireadh iad ma chiuthar” [Uibhist a Deas]. Ach chan e idir shaggy a tha seo.

Lorg obair-raoin ann an Gearraidh na Mònadh am facal seo mar “a big, lazy person who doesn’t go out much. Bha e na shuidhe a staigh an sud na chiuthach.”

Chaidh am facal a sgrìobhadh sìos anns an Eilean Sgitheanach leis a’ chiall “a monster taking the shape of a man. Chan eil ann ach ciuthach de dhuine.”

 

 

< Air ais | Air adhart >

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach