Tha sgeulachdan gu leòr ri lorg mu dheidhinn a’ chliar-Sheanchain, agus tha Iain Seatha air tòrr a sgrìobhadh mu dheidhinn an t-seanchais shònraichte seo a tha na ceudan bhliadhnaichean de dh’aois. Fhuair iad an ainm bho Shenchán Torpéist, àrd fhilidh Éirinn mu AD 600. Bha iad ‘nan crois uabhasach, a’ nochdadh ‘nam buidhnean mòra, leis na mnathan aca, is a’ chlann, is na coin, ag ithe a’ chinn a’ chasan air maighstir an taighe agus a’ diùltadh fàgail mura deanadh e rudeigin do-dhèanta (neo nan cailleadh iad farpais eirmseachd ris an canar bearradaireachd neo gearradh cainnte).
Chuir a’ Phàrlamaid Albannach laghan an àite an aghaidh a’ chliar Sheanchain ann an 1407 agus 1574, agus tha fianais ann gun deach cuid aca a chrochadh an Dùn Éideann anmoch anns na 1500an. Bha Iain Latharna Caimbeul ‘na bheachd gur e “conscious suppression” a bha seo, dhen “intellectual class of Gaeldom”.