FEADARRAICH

FEADARRAICH, VI GW: When the fire was being smoored and the lights put out, to terrify children a person would draw the tongs through the ashes, and the greenish red light from the embers were said to be the feadarraich coming for children who would not sleep quietly. VI 206: The feadarraich were a bogle that parents threatened children who were restless at night after going to bed with. The parents asked them if they were not afraid of the feadarraich who were round about the fireside during the night.

 

Tha cuimhne làidir aig Catrìona Walker air na feadarraich:

“Bha nàbaidh agam, agus an taigh acasan cha robh e cho fada sin on taigh againne, agus bha mar gum biodh lige de rud a’ dol tarsainn an rathad, drochaid bheag, agus nuair a bhiodh sinn a’ dol dhachaigh, tha mi smaoineachadh gun robh e a’ toirt oirnn, feuch gun tigeadh sinn dhachaigh, an àite a bhith ri mì-mhodh ’s dòcha, ’s bhiodh e ag ràdh rinn gum biodh na feadarraich a bha seo a’s an dìg, agus mura tigeadh sinn dhachaigh gum faigheadh na feadarraich sinn ’s gum feumadh sinn a bhi a-staigh aig an àm a bha seo.

“Bha sinn ga chreidsinn is bha sinn daonnan, ‘am fac thusa riamh iad, chan fhaca, saoil thusa cà bheil…’ tha fhios agam nuair a dh’fhàs sinn beagan nas sine, gum biodh sinn ‘nar suidhe ’s bithinn ag ràdh saoil na fuiricheadh sinn ann a-seo treiseag bheag, saoil am faiceadh sinn iad, is chanadh tu an uair sin, a bheil thu ag iarraidh am faicinn? Ò chan eil. Chan eil. Chan eil sinn ag iarraidh am faicinn, so bhiodh sinn a’ ruith dhachaigh!” Dh’fhaighnich mi dhi co ris a bha iad coltach. “Daoine beaga dubha tha mi cinnteach, mar a bha iad a’s an dìg, bhiodh iad salach, nach bitheadh?”

Cha robh fios aig Iain Eàirdsidh Mac a’ Mhaoilein á Uibhist a Deas nas motha cò ris a bha na creutairean eagalach seo coltach. “Cha robh fios agad dé bh’ ann ach bha e gad mhaoidheadh, a’ maoidheadh ort.”

Tha cuimhne mhath aig Màiri Thormoid an Éirisgeigh cuideachd air na feadarraich:

“Bha stòbh beag againn, Victor Esse, bha am bàrr aige cho mòr is bha an uair sin pìosan a’ tighinn a-mach far an robh an gual a’ tighinn a-mach, a’ mhòine, rud beag de sparks innte agus bha daoine ag ràdh nam biodh tu dona, feuch nach tig na feadarraich gad iarraidh, mura tigeadh tu dhan leabaidh on time ’s mar siud.”

 

 

< Air ais | Air adhart >

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach