Tha ròmhan agus ròmhanaich aig Dwelly air groan, agus cuideachd wild talk, raving.
Théid ròmhan a chleachdadh air cnead bàis duine neo beathaich. Seo sgeulachd làidir bhon iris Mac-Talla ann an Ceap Breatainn:
“An uair a bha sinn mu thri cheud slat o’n fheadhainn a b’fhaisge dhuinn dhe ‘n chrodh, chunnaic sinn sealladh nach teid as m’ aire ri mo bheò . Leum nathair anns an robh dusan no còig troidhean deug a dh’ fhad, am mach o chraoibh, agus ann am priobadh na sul chuir i tri charan dhi fhein mu aon de ‘n chrodh. Leig am beathach bochd aon ròmhan cianial as an uair a theannaich i i – fhein mu ‘n chom aige. Chuala sinn gu soilleir am fuaim a bh’ aig na cnamhan aige, an uair a bha i ‘ga shior theannachadh. A réir mo bharail nach robh i còig mionaidean a’ pronnadh a h – uile cnàimh a bha ‘n com a bheathaich bhochd. An uair a bha i cinnteach gu ‘n robh a h-uile cnaimh a bh’ ann pronn gu leor, thòisich i air a shluigeadh gun bhuille chagnaidh.”
Smaoinich a h-uile duine ris an do bhruidhinn mi a’s a’ bhad air ròmhanaich na samhna: “fuaim a’ chladaich – ròmhanaich, nuair a tha an t-sìde ceart” [Uibhist a-Deas]. “Fuaim a’ chladaich agus mar as trice sann gun robh droch shìde dol a thighinn.” [Uibhist a-Deas] “Nuair a bhiodh an latha a’ falbh na bu treatha ‘s an oidhche tighinn a-staigh.” [Éirisgeigh] Chan eil am fuaim seo idir eagalach neo mì-thaitneach.