SMAIG

SMAIG, 289, a long chin, officiousness.

Dh’aithnich cuid ann an Éirisgeigh am facal ach se smuig a bh’ aca. Tha smuig aig Dwelly air “Snout; face, in ridicule; snot, phlegm; Dirt, filth.” Théid a chleachdadh san sgìre anns an t-seagh “face, in ridicule”, ach le beagan smig air a chur ris: “Seall a smuig oirre a siud. Gobach, caran snobby ’s dòcha.” Stob iad an smuig a-mach gus leigeil fhaicinn cò ris a bha e coltach. “Smuig a bhiodh air duine a bhiodh car bragail dheth fhein.”

Chaidh e a chlàradh cuideachd mar “a mischievous grin” ann an Gearraidh na Mònadh.

< Air ais | Air adhart >

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach