Aig Dwelly tha “toothless female; tattling woman; any blunt or toothless instrument; hacked instrument, as a knife; and rarely, strumpet.”
Théid am facal a chleachdadh gu math tric fhathast. Mhìnich Catrìona Walker an Éirisgeigh cabag mar “Cuideigin a bha math air bruidhinn, agus nach sguireadh a bhruidhinn, agus nach fhaigheadh duine facal a chur a-staigh nuair a thòisichadh iad.” Cha robh aois gu diofar, dìreach “té sam bith a bha math air bruidhinn”.
Dh’inns Màiri Thormoid an Éirisgeigh dhomh “Ò, bha siud gu math bitheantach uiareigin, nach ann innte tha a’ chabag.”
Thuirt Dòmhnall Ruairidh Caimbeul an Uibhist a-Deas gun robh cabag ‘na “nighean neo boireannach a bhiodh a’ cabadaich, dh’fhaoidte bruidhinn mu dheidhinn daoine eile, na bha dol sa bhaile, ag innse a h-uile sìon a bha a’ dol. Bha e a’ dol san sgoil cuideachd, nuair a bha cuideigin ag innse ort anns an sgoil chanadh tu gur e cabag a bh’ innte.”
Seo a bhios againn air boireannach a bhios daonnan a bruidhinn. ‘Cabag bheag’ airson nighean bheag a bhiodh a bruidhinn fad na h-ùine neo airson tè a bhiodh a cùl-chainnt.
Related –
cùl-chainnt – speaking behind one’s back gossiping. “Bha iad ri cùl-chainnt oirnn’.
Ooh, cùl-chainnt – chan eil sin agam. Taing!