CAS-BHACAIG

CAS-BHACAIG, 194, a stumbling block, a tripping step. [Cp. A.D. 141].

 

Tha cas-bhacaig aig Dwelly, ach tha e gad stiùireadh gu camachag. Ach tha ciall camachag an uair sin air a toirt seachad mar “small bay”, ged a tha “trip, sudden tripping of the heels” aige air camcag. An e mearachd a bhios ann an seo?

Tha e ri lorg ann an Dwelly ge-tà, fo “bacag: -aig, -an, sf Little hollow. 2 Trip, fall, stumble. Cuir cas bacaig air, trip him.”

Chaidh am facal seo a chur ris an leabhar aig  a’ mhionaid mu dheireadh a chionns gun do chòrd e cho mòr ris a’ chloinn agam (a tha anns an dealbh). Bidh iad ga chleachdadh fad na h-ùine nuair a tha sinn air cuairt. A chionns gun robh mi air tilleadh á Uibhist a-Deas ‘s á Éirisgeigh mar-thà, tha an clàradh seo a’ bristeadh nan rìaghailtean – se mi fhìn a th’ ann an àite cuideigin ás an sgìre fhéin.

 

 

< Air ais | Air adhart >

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach