Tha dlòth aig Dwelly: “Handful of corn or grass cut with one stroke of the reaping hook.” Mar an ceudna tha seo ri fhaicinn anns An t-Eileanach, leabhar bho 1890 le Iain MacPhàidein á Muile: “thubhairt esan ‘ s an dlòth mu dheireadh ‘ n a làimh”.
Tha e cuideachd ri fhaicinn ann am Mo Reul Iùil, Smuaintean fo Éiseabhal, le Dòmhnall Aonghais Bhàin: “Tha cuailean dualach rìomhach ort / Mar dhìtheanan an òir / A’ dol ‘na stuadhan dì-snaidhm / ‘S a’ chìr ga cur an dlòth”
Cha chuala mise san sgìre ach dlùthadh, airson arbhar a bhuain, an àite dlòth fhèin, ach tha e soilleir gu bheil ceangal ann eatarra.
Tha Faclan bhon t-Sluagh a’ toirt seachad trì diofar thionndaidhean air dlòth: tha e a’ nochdadh dà uair ann an Uibhist a Deas agus e a’ ciallachadh gu bheil an ásbhuain sgiobalta còmhnard. Dà uair ann an Uibhist a Tuath agus Leódhas théid a chleachdadh air làn-dùirn arbhair mar a sgrìobh mi gu h-àrd. Ach chaidh a’ chiall a thug Maighstir Ailein seachd fo àireamh 119 a chlàradh ann an Antigonish, Cape Breton: “air a dhlòth e.g. grain laid in an orderly swathe after the mower.”
Tha ‘m facal seo a’ nochdadh anns an òran ‘Caoidh mo Dhòchas’.
Tha mi tinn ‘s mi ri caoidh mo dhòchas
A’ nochd ‘sa raoir ‘s fad na h-oidhche bhòn-raoir
Do chòmhradh meallta ‘sa gheamradh dhòmh-sa
Chuir falt mo chinn dha na toill na dhlòthan
Taing a Mhaighread. Sin òran làidir ga-rìribh. Càite am faigh mi an còrr dheth?