FOILEAG, 122: Boireannach foileach salach mu bhiadh ’s mu na h-uile car feadh taighe, [an untidy dirty woman for food and for any kind of housework].
FOILEADH, 121, a slight amount of boiling (M.E.); but it means, doing any work hurriedly and carelessly, as baking and washing and carpentry, etc, etc. Cf. foileag. Cha tug mi dha ach foileadh do bhruich, [I only gave it a quick boiling]. Cha tug i ach foileadh do ghlanadh air an taigh, [she only gave the house a quick clean]. Cha d’rinn e ach foileadh do chàradh air an sgothaidh, [he only gave the boat a rough mending]. [Cp. A.M.D. Ist ed. glossary foithlidh, ‘acting imperfectly, in a hurry’; A.D. 32, ’S tric e ’ga fhoileadh ’sa ghaorr].
FOILEACH, 60, full of flaws. Obair fhoileach might be said of bad carpentry or masonry. See Foileag, 122.
Tha foileadh aig Dwelly: “Act of roasting or broiling hastily on embers; acting hurriedly or imperfectly”, ach tha foileag caran eadar-dhealaichte: “cake suddenly and imperfectly toasted; little cake; hastily-made cake.” Gu h-inntinneach, tha Dwelly a’ cur ris gu bheil iad ga fhuaimneachadh mar fòileag ann am Poll Iù, a tha nas fhaisge air faoileag, a chuala mi ann an Éirisgeigh.
Thuirt té ann an Éirisgeigh rium gur e foileag a bha ‘na nighean-sa – “tha i daonnan on the go” – agus dh’ainmich i na cur-seachadan uile aice. Cha robh mì-rùn idir ‘na lùib.
Chaidh am facal a sgrìobhadh sìos ann an Nis, Leódhas, ann an 1972: “tè a’ sàs an obair tighe. “Dè a tha thu a’ cur air adhart?” “Chaneil, a’ ghraidh, ach a’ foileadh ’s a’ riasladh.”
Dh’innis té eile à Éirisgeigh dhomh gun robh a màthair “ga thuigsinn mar ‘foileach’ a’ ciallachadh sgudail a th’ air fhàgail aig daoine eile”.