Théid an leabhar agam a chur air bhog an Uibhist a-Deas mar phàirt de dh’fhéis litreachas glan ùr, Às an Tobar, air 1 agus 2 Dùbhlachd 2017.
Bheir mi òraid air Dihaoine 1 Dùbhlachd, ann an Taigh-tasgaidh Chill Donnain, aig 7.30f, air a leantainn leis a’ phrògram bhrèagha a rinn MacTV air a’ phròiseact agam, Mgr Ailein agus na Faclan, aig 8.15f.
Bidh mi ann an còmhradh aig 1.30pm an ath latha, Di-Sathairne 2 Dùbhlachd, mu na faclan a chruinnich Maighstir Ailein. Tha pailteas agam ri innse ach tha mi gu mòr an dòchas a bhith ro thrang ag éisteachd ris na th’ aig muinntir Uibhist a-Deas agus Éirisgeigh ri innse mu na faclan.
Tha mi a’ deanamh fiughair ris!