Òraid a’ Chomainn Rìoghail Cheiltich

Bidh mi a’ dèanamh òraid air loidhne mu Sly Cooking: 42 irresistible Gaelic words aig 7f, Diardaoin 17 Gearran air a cur air dòigh leis a’ Chomainn Rìoghail Cheilteach. Tha e saor ‘s an asgaidh (ach tha sibh làn dì-beathte beagan taic a chur thuca le Paypal). Chan eil agaibh ach clàradh aig info@royalcelticsociety.scot.

An robh facal a dhìth ort riamh air na deannan beaga duslaich a chì thu ann an gath grèine? Air a bhith a’ dinneadh rudeigin mòr a-staigh do tholl beag? Tha Sly Cooking ag ath-bheothachadh 42 facal iongantach a chruinnich Mgr Ailein Dòmhnallach (1859–1905) ann an Uibhist a-Deas ’s ann an Éirisgeigh. Bha Mgr Ailein ’na shagart, ’na bhàrd ’s ’na bheul-aithrisiche.

Chaidh na facail a chlò-bhualadh an toiseach ann an 1958, am measg nam mìltean fhaclan eile a thug Iain Latharna Caimbeul bho notaichean Mhaighstir Ailein ann an Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay. ’S mi air mo bheò-ghlacadh leis an fhaclaire seo, chuir mi romham an fheadhainn as fheàrr leam a thoirt beò a-rithist le leabhar beag làn ghearraidhean-lino.

Tha an leabhar ri cheannach bho Acair, ’s an ealain thùsail anns a’ bhùth Etsy agam. Tha mi ’n dòchas bhur faicinn air an 17mh!

Cothrom choimhead!

Tha mi air fiolm beag YouTube a dhèanamh gus sealltainn dhuibh mar a chlò-bhualaich mi na priontaichean Sly Cooking agam. An dòchas gun còrd e ribh!

Sly Cooking aig Gailearaidh Ghiogha

Tha an taisbeanadh agam, Sly Cooking, a’ coimhead eireachdail aig Gailearaidh Ghiogha, agus tha e fiùs air aire mhinistear rioghaltais na h-Alba Mhìcheil Ruiseil a tharraing! Bìdh mi a’ cumail sùil gu sònraichte geur air na h-òraidean aige sa’ phàrlamaid san àm ri teachd.

This image has an empty alt attribute; its file name is 56862369_868524533539714_6709254406916800512_n-1-1024x768.jpg
This image has an empty alt attribute; its file name is 56706133_1236818543138456_1151298724228497408_n-1024x768.jpg

This image has an empty alt attribute; its file name is Miketweet-678x1024.jpg

Duaisean Gàidhlig na h-Alba

As dèidh bliadhna sgoinneil air cuairt le leabhar agus taisbeanadh Sly Cooking, nochd mi air geàrr-liosta ealain is cultar Duaisean Gàidhlig na h-Alba! Se urram a th’ ann, agus gu dearbha gu math doirbh a chreidsinn,  gun deach mi air m’ ainmeachadh ri taobh Theatre Gu Leòr agus Ceòl ‘s Craic.

Nam bharail-sa, tha Mgr Ailein a’ cumail sùil air rudan. Nach deach craobh Netty, a chuir e-fhèin ann an Èirisgeigh, air anmeachadh mar Craobh na Bliadhna seachdain neo dhà air ais?

Fàilte Bhlàth ann an Ìle

Fhuair an leabhar agus an taisbeanadh agam fàilte mhòr bhlàth anns a’ Bhogha Mòr, mar phàirt de dh’ Fhèis Leabhraichean Ìle. Gu dearbh chaidh innse dhomh gun robh Sly Cooking air a dhol rud beag na “cult” anns an eilein! Bha àm fìor shnog agam le clann Bhun-Sgoil Bhogha Mòr, agus chòird e rium cuideachd an spèis a th’ agam do dh’ fhaclan Mgr Ailein a chompàirteachadh san tachartas poblach.

Dh’ innis Isla Rosser-Owen, ceann an fhèis, do BhBC Alba, “Tha grunnan dhaoine air tighinn thugam a ràdh, ged nach eil a’ Ghàidhlig aca, ged nach eil fiùs ùidh aig cuid aca innte, gu bheil an taisbeanadh seo air am brosnachadh gus an leabhar a cheannach agus tuilleadh a ionnsachadh mu na faclan.”

Sin dìreach na tha mi airson cluinntinn.

Tha an taisbeanadh a’ siubhal a-nis do Thairbeart Loch Fìne, airson Tarbert Book Festival, 26-28 Dàmhair 2018.

 

Taisbeanadh air cuairt!

Chaidh an taisbeanadh agam sìos cho math aig  An Lanntair gu bheil e a’ dol air cuairt! A’ tòiseachadh aig UPSTAIRS Gallery ann an Inbhir Nis bho 30 Iuchar gu 31 Lùnasdal 2018, théid e an uairsin gu Fèis Leabhraichean Ìle anns an t-Sultain, far an dèan mi grunnd thachartasan do chlann is do dh’inbhich. Gluasaidh e air adhart an uairsin do The Gigha Gallery san t-Samhain, far am bheil mi an dòchas thighinn còmhla ris nas fhaide a-steach dhan gheamhraidh.