BÀSADAIR

BÀSADAIR, 125, toll an talamh – toll is uisge fodha, [a hole in soft ground (covered by moss) with water underneath] where sheep and cattle are often lost. [Sùil-chruthaich, N.S.].

 

Tha bàsadairean fhathast air an deagh thuigsinn ann an Uibhist a Deas agus Éirisgeigh. Thug cuideigin ann an Éirisgeigh an cùnntas seo dhomh orra:

“Àite uabhasach fliuch. Talamh an deachaidh na caoraich throimhe. Bha e car cunnartach, bàsadair. Dh’fheumadh sibh an aire thoirt gun a dhol throimhe. Rachadh sibh sìos. Bha e cunnartach do dhuine ’s do chrodh. Shuas gu h-àrd anns a’ bheinn a tha iad. Cha robh móran dhiubh ann ach bha beagan ann. Bha aon àite ann shìos an cùl na beinne, shìos, se Rubha nam Bàsadairean a bh’ air.”

Tha té eile ag innse dhomh gur ann an cùl Beinn Stac a tha Rubha nam Bàsadairean, far an d’ fhuair an Royal Navy grèim air Reubadair na Stac.

Dh’fhaighnich mi do Choinneach Manson ann an Smeircleit sa Chéitein an robh bàsadairean mun cuairt. “Chan eil an-dràsta,” thuirt e, “ach anns a’ gheamhradh bidh gu leòr ann!”

Tha sùil-chruthaich a’ ciallachadh an aon rud, agus théid a chleachdadh le cuid a dhaoine nuair a tha cuid eile a’ cleachdadh bàsadair.

Tha Calum Laing ag innse, anns an leabhar Tha Cuimhn’ Agam, mar a chaill Bonaparte a smachd air an Roinn Eòrpa aig Waterloo air sgàth bàsadair:

“’S ann am feachd nan each a bha Bonaparte a’ cur bun an latha fuilteach ud. “Sheas sinne,” theireadh Raghnall, “nar sreath fhada ri oir-fèithe a thug nam chuimhne Leigeadh Dhreumsdal, a h-uile fear againn gu dùbhlanach deiseil le beigleid deàrrsach am bàrr gunna gam feitheamh. Thàinig iad le straon beithir; chan fhac iad riamh am bàsadair bogaich chon an robh iad an sàs gu bàs ann. Sgap is theich na bha beò de armailt mhòr na Frainge. Fhuair an saoghal fois.”

Tha stòr-dàta Faclan bhon t-Sluagh a’ toirt seachad còig eisimpleirean de bhàsadair air a chleachdadh ann an Leódhas.

 

< Air ais | Air adhart >

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach