Tha cas-bhacaig aig Dwelly, ach tha e gad stiùireadh gu camachag. Ach tha ciall camachag an uair sin air a toirt seachad mar “small bay”, ged a tha “trip, sudden tripping of the heels” aige air camcag. An e mearachd a bhios ann an seo?
Tha e ri lorg ann an Dwelly ge-tà, fo “bacag: -aig, -an, sf Little hollow. 2 Trip, fall, stumble. Cuir cas bacaig air, trip him.”
Chaidh am facal seo a chur ris an leabhar aig a’ mhionaid mu dheireadh a chionns gun do chòrd e cho mòr ris a’ chloinn agam (a tha anns an dealbh). Bidh iad ga chleachdadh fad na h-ùine nuair a tha sinn air cuairt. A chionns gun robh mi air tilleadh á Uibhist a-Deas ‘s á Éirisgeigh mar-thà, tha an clàradh seo a’ bristeadh nan rìaghailtean – se mi fhìn a th’ ann an àite cuideigin ás an sgìre fhéin.