DLÒTH

DLÒTH, 119: If corn were to lodge thro’ rain or wind and all lay the same way without being twisted and mixed together. Theirte gun robh arbhar a’ laigh’ air an aon rathad air a dhlòth. The same could be said of wool and the like. Dlòth arbhair, 118, a handful of straw – am beum a bhios aig duine ’na làimh a’ buain. [Cuir air a dhlòthaidh e, arrange it going the same way – said of thatch. N.S.] 

 

DLÙTH, 40, gathering home the harvest = cròdh[adh]. Am an dlùthaidh. Sgian dlùthaidh, a pocket knife, folding.

 

Tha dlòth aig Dwelly: “Handful of corn or grass cut with one stroke of the reaping hook.” Mar an ceudna tha seo ri fhaicinn anns An t-Eileanach, leabhar bho 1890 le Iain MacPhàidein á Muile: “thubhairt esan ‘ s an dlòth mu dheireadh ‘ n a làimh”.

Tha e cuideachd ri fhaicinn ann am Mo Reul Iùil,  Smuaintean fo Éiseabhal, le Dòmhnall Aonghais Bhàin: “Tha cuailean dualach rìomhach ort / Mar dhìtheanan an òir / A’ dol ‘na stuadhan dì-snaidhm / ‘S a’ chìr ga cur an dlòth”

Cha chuala mise san sgìre ach dlùthadh, airson arbhar a bhuain, an àite dlòth fhèin, ach tha e soilleir gu bheil ceangal ann eatarra.

Tha Faclan bhon t-Sluagh a’ toirt seachad trì diofar thionndaidhean air dlòth: tha e a’ nochdadh dà uair ann an Uibhist a Deas agus e a’ ciallachadh gu bheil an ásbhuain sgiobalta còmhnard. Dà uair ann an Uibhist a Tuath agus Leódhas théid a chleachdadh air làn-dùirn arbhair mar a sgrìobh mi gu h-àrd. Ach chaidh a’ chiall a thug Maighstir Ailein seachd fo àireamh 119 a chlàradh ann an Antigonish, Cape Breton: “air a dhlòth e.g. grain laid in an orderly swathe after the mower.”

 

 

< Air ais | Air adhart >

2 fhreagairt do “DLÒTH”

  1. Tha ‘m facal seo a’ nochdadh anns an òran ‘Caoidh mo Dhòchas’.

    Tha mi tinn ‘s mi ri caoidh mo dhòchas
    A’ nochd ‘sa raoir ‘s fad na h-oidhche bhòn-raoir
    Do chòmhradh meallta ‘sa gheamradh dhòmh-sa
    Chuir falt mo chinn dha na toill na dhlòthan

    1. Taing a Mhaighread. Sin òran làidir ga-rìribh. Càite am faigh mi an còrr dheth?

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach