Facail

Feadhs gun robh e ’na shagart an Uibhist a-Deas ’s an Éirisgeigh (1884–1905), lìon Mgr Ailein deich leabhraichean-nota móra le facail, beul-aithris agus òrain bhon sgìre. Thug Iain Latharna Caimbeul 2,900 facal asta ann an 1958 agus chuir e air dòigh iad mar fhaclaire iongantach, Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay

Cruinneachadh Walter B Blaikie, le cead David R Kilpatrick, an t-Òban

Se na facail fodha an fheadhainn as fheàrr leam air fad: an 42 a chaidh a thaghadh airson Sly Cooking. Thagh mi iad a chionns gun tug iad orm gàire, neo stad is smaointinn. Chaidh mo ghlacadh gu sònraichte leis an fheadhainn mu bhoireannaich, co-dhiù bha iad moltach neo nach robh.

Is toil leam an fhealla-dhà a tha a’ ruith tron fhaclaire. Bidh thu a’ faireachdainn gu làidir gu bheil conaltradh a’ dol air adhart ann, agus torr tarraing ás; dh’fhàs mi cleachdte ris an dà rud nuair a bha mi ann an Uibhist a-Deas agus Éirisgeigh a’ deanamh rannsachaidh. Is toil leam an aire a tha air a toirt do rudan beaga bìodach agus mar a thathar a’ déiligeadh ann an dòigh cho prataigeach ’s cho saoghalta ris an t-saoghal os-nàdarra.

Cruinneachadh Walter B Blaikie, le cead David R Kilpatrick, an t-Òban

Ann an deasachadh an leabhar Sly Cooking, rinn mi na mìneachaidhean nas giorra gus an cumail tarraingeach, ach cha leig an sgoilear annam cùisean fhàgail aige sin, is mar siud tha mi a’ lìonadh nam beàrn leis an làrach-lìn seo. Aig bàrr na duilleig do gach facal, tha mi a’ toirt seachad a’ mhìneachaidh gu léir mar a tha ri leughadh ann an Gaelic Words and Expressions.

As déidh a’ mhìneachaidh, tha mi a’ toirt seachad nas urrainn dhomh faighinn a-mach, a’ gabhail a-steach lorgan-fuaim a chlàraich mi bho muinntir Uibhist a-Deas agus Éirisgeigh anns a’ Chéitein 2017. Far nach eil an luchd-labhairt eòlach air an fhacal, tha iad ga fhuaimneachadh a réir an litreachaidh.

’Nam measg tha: Màiri Thormoid (NicAonghais), Éirisgeigh; Catrìona Walker, Éirisgeigh; Dòmhnall Ruaraidh Caimbeul, Uibhist a-Deas; Coinneach Manson, Uibhist a-Deas; Iain Eàirdsidh Mac a’ Mhaoilein, Uibhist a-Deas; agus té eile bho Éirisgeigh nach robh airson a bhith air a h-ainmeachadh. Tha mi ’nan comain uile, agus cuideachd Liam Crouse o Cheòlas, airson na thabhainn iad.

Agus tha an còrr an urra riutsa: cha do rinn mi fhìn ach foileadh de rannsachadh. Ma tha barrachd fiosrachaidh agadsa mu na faclan, bu mhath leam cluinntinn bhuat anns a’ bhogsa fo na facail.

Agus an rud mu dheireadh – ma tha thusa, mar a bha mise, airson na facail fhaighinn air teangaidh, rinn mi cùrsa ann am Memrise far am faod thu sin fhéin a dhèanamh.

Briog air facal gus tuilleadh ionnsachadh:

ÀIBHEIS

ÀMHAILTEACH

ARRALACH

BÀSADAIR

BÌDEAG AN DUINE MHAIRBH

BILEAGACH

BLIANAS

BUIGLEAG

CABAG

CAOIBHLEAG

CAS-BHACAIG

CEASAD

CINNICHD

CIUTHACH

CLIAR-SHEANCHAIN

DLÒTH

EARRAIG

FEADARRAICH

FOILEAG

FORAGRADH

FORRADH

GEOINICHD-CINNEACH

GIOBAIN

GLAIGEIL

GOGADAICH

GÒSGLACH

GRÙDACH

IOLAGAN

MABLADH

MIONAGADANAN

PÌLL

PÌOBAIREAN NAN TOBHTAICHEAN

RIOBAG SHONAIS

RÒMHAN

RONG

SGAIRT FHUATHACH

SGIONC

SGÒRNAICH

SGROG

SMAIG

STORRADH

ÙSLAIG