Chan eil foragradh aig Dwelly, ach tha faragradh ann mar “weltering; foundering; bathing; report”.
Tha pailteas eisimpleirean ri fhaicinn ann an DASG airson faragradh, cuid mhath aca ás an iris Mac-Talla á Ceap Breatain. Mar as tric chan e an rud eagalach fhéin a th’ anns an fharagradh, ach a’ bhuaidh a th’ aige air duine. Tha am fear seo glé choltach ris a’ phriont a rinn mi gus na feadarraich a dhealbhadh:
“Thuig Callum gu ‘m faca no gu ‘n cuala Domhull ni èiginn a chur faragradh air, agus sheall e gu geur air gach ni a bha mu choinneamh. Thug e an aire do dhà shùil ainmhidh ‘s iad a’ dealradh ann an solus an teine mar gu ‘m biodh dà runnaig ann.”
Tha an aon iris cuideachd a’ cleachdadh faragradh air an fhuaim rògach fhèin: “… shaoil leis gun cual’ e gluasad no faragradh air choireiginn an cearn iomallach de ‘n uamha.”