Gearradh Lino

Se relief printmaking a th’ ann an gearradh lino, coltach ri gearradh fiodha, far am bi thu a’ gearradh pìosan lino air falbh le sgian shònraichte, agus a’ roladh inc air a’ chuid a tha air fhàgail mus brùth thu pàipear air gus priont a dhèanamh.  Chleachd Picasso agus Escher an dòigh-obrach seo, a thòisich anns a’ Ghearmailt aig toiseach na 20mh linn.

Thòisich mise a’ deanamh gearraidhean lino ann an 2013 fo ainm  Black Prints, agus bhon uair sin rinn mi na h-ìomhaighean airson Sly Cooking cho math ri iomadh sealladh canàil an Amsterdam (agus nas fhaide a-mach, far a bheil mi a’ fuireach). Tha na priontaichean seo a’ còrdadh ri mòran, agus ’s tric a bhios mi a’ faighinn comiseanan pearsanta cuideachd.

Ma tha ùidh agad san obair mar a tha i a’ dol air adhart bho latha gu latha ’s mi a’ deanamh priontaichean anns a’ bhothan agam, nach “like” thu an duilleag Facebook agam, Black Prints. Ma tha thu airson tuilleadh ionnsachadh mu dhòighean obrach gearradh-lino, tha a’ bhuidheann Facebook Linocut Friends ’na h-àite brosnachail le buill de gach chomas.  Agus ma tha thu airson tuilleadh dhen obair agamsa fhaicinn, nach toir thu sùil air an làrach-lìn Black Prints.