PÌLL

PÌLL, 8, an old piece of cloth soaked and rotting. Pillean, idem. Pìll is also used for a wretched mangy unwashed sìliche of a man. Cha n-eil ann ach seana-phìll gun eireachdas, [he is only an untidy old wretch]. [Cp. A.D., p.74.]

 

Se a’ chiad chiall a tha Dwelly a’ toirt seachad air pìll “cloth or skin on which corn is winnowed”.

Tha pìll fhathast air a thuigsinn ann an Uibhist a-Deas agus Éirisgeigh, mar phìos canabhais neo a leithid a chleachdadh tu a-muigh. Canabhas, pill aodaich” thuirt duine a Uibhist a-Deas. Pìos mòr aodach a bhios tu sgaoladh a-muigh,” arsa té á Éirisgeigh. “Sann a-muigh a bhitheadh e, chuireadh iad pìll air uachdar arbhair neo rudeigin airson an t-uisge chumail dheth” [Uibhist a-Deas].

Bha ciall eile aig Màiri Thormoid ge-tà: “Gun do chuir iad pìll air an leabadh – nuair a fhuair iad na duvets cha robh guth air a-sin. Bha plangaid aig na Leódhasaich, cha robh plangaid idir againn ach pìll.”

 

 

< Air ais | Air adhart >

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach