“Bha i air a sgioncadh ann an dreas” thuirt Màiri Thormoid (Éirisgeigh) le gàire nuair a thàinig am facal air ais thuice (as déidh dhi cantainn nach robh e aice). Chòrd sin glan rium. “Nam biodh dreas ort, na éideadh sam bith ort, is bha e uabhasach beag dhut, chanadh sibh gu robh iad a’ sgioncadh anns an dreas. Agus gu dearbh, tha thu faicinn gu leòr air an telebhisean!”
Tha té eile à Éirisgeigh air sgrìobhadh thugam mu dheidhinn sgionc: “a bruidhinn air tè ann an dress teann ‘Bha i cho sgioncte’. Too right.”
A réir coltais se camadh sginn a th’ ann, a th’ aig Dwelly air spring, force. Tha sging air a thoirt seachad mar chumadh an fhacail ann am Bàideanach, Earra-Ghaidheal agus Taobh Siar Rois. Sging e troimh, he squeezed through. Chaidh a chlàradh cuideachd fo “sging” ann an Inbhir Nis, Ceasag, Baile Theàrlaich: “huddle, draw in, cram in; OG sceng; Uist sgionc (v) – to squeeze in still more.”
Tha mise cleachdadh am facal ‘sgiong’ airson rud a chaidh a bhriseadh nuair a thuit e chun an làr. “Chaidh am botul na sgiong air an làr’. Tha fuaimneachadh eadar-dhealaichte air an dà fhacal ‘sgionc’ agus ‘sgìong’.