ÙSLAIG, 17, a great hulk of a slovenly woman. B’i ’n ùslaig ghrànnd’ i. Rubha na h-Ùslaig, a place name in Eriskay.
Tha ùislig aig Dwelly airson “Object of terror. Bu tu an ùislig! what an awe-inspiring object you were!”
Tha Pàdruig Moireasdan ga chleachdadh anns an t-seadh seo ann am Bodach a ‘ Phuill Mhònadh, 1977:
Chunnaig mise ’m bliadhna bodach mòr gun fheusaig
’S ghabh mi eagal cianail romh ’n ùslaig
Bhon thànaig e air fhiaradh a dh’innse dhomh na sgeulachd
Cha b’fhada gun do dh’iarr e mo dhùitseach.
Chaidh ùslaig a chlàradh anns an Ìochdar ann an 1987-88 mar “a useless woman”.
Dh’fhaighnich mi mun cuairt ann an Éirisgeigh ach cha d’fhuair mi guth air Rubha na h-Ùslaig.