GOGADAICH

GOGADAICH, 148, tossing the head from side to side in a nervous or vainglorious manner. Distinct from bogadaich [q.v.], bend [?beat] the head up and down, also equivalent to bobbing up and down. Cf. place name [at] Ardnish, Arisaig, Caolas a’ Bhogadair.

 

Tha gog aig Dwelly air nod agus tossing of the head, cho math ri hen clucking agus pigeon cooing  (“cha’n e gogadh nan ceann a ni an t-iomram, it is not the nodding of the heads that rows the boat”.) Tha gogaideachd ann fo coquettishness, womanish vanity.

Tha trì eisimpleirean ann an DASG a’ cleachdadh gogadaich air coimeas a dheanamh ri cearc neo coileach.

Tha e aig Màiri Thormoid ann an Éirisgeigh air cuideigin a tha a’ cur an ceann sìos is suas.

Thug té nach robh airson a bhith air a h-ainmeachadh gàire orm  leis an eisimpleir a bh’ aicese: “Tha mi a’ smaoineachadh gun canadh sibh sin ris an té ud le dreasa sa pharlamaid – Nicola – bidh i daonnan a’ gogadaich! An tug thu idir an aire?”

A réir Iain Eàirdsidh Mac a’ Mhaoilein bho Uibhist a-Deas, se th’ann an gogadaich ach “a’ bruidhinn tuilleadh ‘s a’ chòir, gu h-àraid aig cùl na h-eaglais nuair a tha còir agad a bhith sàmhach, neo sa chlas san sgoil.”

Tha té eile à Éirisgeigh air innse dhomh gu bheil gogadaich “cha mhòr onomatopoeiac – talking nonsense, also chuckling. A’ bruidhinn air cuideigin bochd, truagh, neo an deoch ‘Cha mhòr gun robh goc aige.’”

 

< Air ais | Air adhart >

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach