PÌLL, 8, an old piece of cloth soaked and rotting. Pillean, idem. Pìll is also used for a wretched mangy unwashed sìliche of a man. Cha n-eil ann ach seana-phìll gun eireachdas, [he is only an untidy old wretch]. [Cp. A.D., p.74.]
Se a’ chiad chiall a tha Dwelly a’ toirt seachad air pìll “cloth or skin on which corn is winnowed”.
Tha pìll fhathast air a thuigsinn ann an Uibhist a-Deas agus Éirisgeigh, mar phìos canabhais neo a leithid a chleachdadh tu a-muigh. “Canabhas, pill aodaich” thuirt duine a Uibhist a-Deas. “Pìos mòr aodach a bhios tu sgaoladh a-muigh,” arsa té á Éirisgeigh. “Sann a-muigh a bhitheadh e, chuireadh iad pìll air uachdar arbhair neo rudeigin airson an t-uisge chumail dheth” [Uibhist a-Deas].
Bha ciall eile aig Màiri Thormoid ge-tà: “Gun do chuir iad pìll air an leabadh – nuair a fhuair iad na duvets cha robh guth air a-sin. Bha plangaid aig na Leódhasaich, cha robh plangaid idir againn ach pìll.”